Celtic Lyrics Corner > Artists & Groups > Rachel Walker > Bràighe Loch Iall > Rathad Ièricho
|
Rathad Ièricho |
| Credits : | Alasdair Codona; arranged by Malcolm Jones & Rachel Walker |
| Appears On : | Bràighe Loch Iall |
| Language : | Gàidhlig (Scottish Gaelic) |
| Lyrics : | English Translation : |
| Èisd rinn, Íosa, na do ghrádh | Listen to us, Jesus, in your love |
| Tha do ghrádh gun chrích | Your love is limitless |
| Guidh ri d' athair air ar sgáth | Pray to your father for our sake |
| Tha do ghrádh gun chrích | Your love is limitless |
| Os cionn fuaim cogaidh 's bláir | Above the noise of war and battle |
| Thar gach truaigh is beud is cráidh | Over every woe and harm and hurt |
| Seachad air cruadal is cás | Beyond hardship and distress |
| Tha do ghrádh gun chrích | Your love is limitless |
| Neartaich sinn, do shluaigh fhéin | Strengthen us, your own people |
| Tha do thrócair buan | Your mercy is eternal |
| Beó am muinntearas a chéil' | Alive in each other's service |
| Tha do thrócair buan | Your mercy is eternal |
| Tha gach anam seo na fheum | Each of these souls is in need |
| Air do mhathas is air do mhéinn | Of your kindness and compassion |
| Ionnsaich dhuinn dé th' ann bhith réidh | Teach us what it is to be reconciled |
| Tha do thrócair buan | Your mercy is eternal |
| O Íosa, bi na shráinnsear dhomh | Oh Jesus, be a stranger to me |
| Air rathad Iéricho | On the Jericho road |
| O Íosa, bi na shráinnsear dhomh | Oh Jesus, be a stranger to me |
| Air rathad Iéricho | On the Jericho road |
| Thighearna ghlórmhoir ghrásmhoir chaoin | Glorious, gracious, tender Lord |
| Na cuir rinne cúl | Don't turn your back on us |
| Ged a bhiodh ar nádar claon | Though our nature were perverse |
| Na cuir rinne cúl | Don't turn your back on us |
| Líon suas gach soitheach traoight' | Fill up each drained vessel |
| Soillsich dubhar gach cridhe claoidht' | Lighten the blackness of each weary heart |
| Siab bhuainn smalan an t-saoghail | Sweep from us the gloom of the world |
| Na cuir rinne cúl | Don't turn your back on us |
| O Íosa, bi na shráinnsear dhomh | Oh Jesus, be a stranger to me |
| Air rathad Iéricho... | On the Jericho road... |